Fuirichidh luing airson ùine mus dèan iad air cuan
ach tillidh iad daonnan ged bu ghàbhaidh an t-sian
An ceann bliadhna gu’m bì mi air ais bho mo chuairt
gus a’ seòl mi air falbh aon uair eile ‘son bliadhn’.
Is gach duine dhiubh tilleadh ach mo shàr charaid chòir
seach an ainnir bu dìlse, bu ghràdhaichte, binn
thig iad uil’ ach mo dheòn. Thig iad uil’ ach mo dheòn.
’S beag m’earbs anns a chrannchar is nas lugha annam fhìn
Ach bu toil leam bhi cinnteach nach robh e na dhùil
a bhi chleachdte ri losgadh seann luingeas gun chàs,
Bì mi tilleadh, am bruadar, an càirdeas, an dlùths.
Bì mi seinn, le cinnt seinn, gun a bhliadhna dhol bàn
|